Hamburg Rannsaich • hamburg-3.de

Hamburg Rannsaich • Treòir a’ BhBCode

 

Fàilte gu Hamburg

 
Hamburg Rannsaich • gd - Gàidhlig • hamburg-3.de     gd • Gàidhlig  Deutsch |  English |  Gàidhlig |  Svenska |  Nederlands |  עברית 

’S e DiarDaoin 9. An Cèitean 2024, 04:03 an tìde an-dràsta


Treòir a’ BhBCode
Ro-ràdh
Dè a tha sa BhBCode?

Cruth an teacsa
Mar a nì thu teacsa ann an clò trom no Eadailteach no le loidhne foidhe
Mar a dh’atharraicheas tu dath no meud an teacsa
Am faod mi tagaichean fòrmataidh a chur ri chèile?

Iomraidhean agus teacsa le leud socraichte
A’ cur iomradh ri freagairt
A’ sealltainn còd no teacsa le leud socraichte

Liostaichean
A’ cruthachadh liosta gun seòrsachadh
A’ cruthachadh liosta le seòrsachadh

Ceanglaichean
A’ cruthachadh ceangal gu làrach-lìn eile

Dealbhan
A’ cur dealbh ri post
A’ cur ceanglachan ri post

Cuspairean eile
Am faod mi na tagaichean agam fhèin a chruthachadh?

 

Ro-ràdh

» Dè a tha sa BhBCode?
’S e tionndadh sònraichte de HTML a tha ann am BBCode. Cuiridh an rianaire roimhe co-dhiù an urrainn dhut BBCode a chleachdadh sna postaichean agad air a’ bhùird-bhrath gus nach urrainn. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut fhèin a chur romhad co-dhiù an dèid BBCode ga chleachdadh nuair a sgrìobhas tu post gus nach dèid. Tha BBCode fhèin coltach ri HTML, tha camagan ceàrnach [ agus ] mu na tagaichean seach < agus >, agus bheir e smachd nas motha dhut air na tha thu airson sealltainn agus cò ris a bhios e coltach. A’ crochadh air stoidhle a’ bhùird-bhrath, bidh e mòran nas fhasa dhut BBCode a chur ris na postaichean agad air sgàth ’s gum bi putanan os cionn an raon sgrìobhaidh a ghabhas cleachdadh. Dh’fhaoitde gum bi an stiùireadh a leanas feumail dhut co-dhiù.

Ceann na duilleige


Cruth an teacsa

» Mar a nì thu teacsa ann an clò trom no Eadailteach no le loidhne foidhe
Tha tagaichean ann am BBCode a leigeas leat bun-chruth an teacsa atharrachadh gu luath. Nì thu seo mar sin:
  • Gus clò trom a chur air pìos teacsa, cuir eadar [b][/b] e, m.e. tionndaidhidh

    [b]Halò[/b]

    gu Halò

  • Gus loidhne a chur fo theacsa, cleachd [u][/u], mar eisimpleir:

    [u]Sin thu[/u]

    a nochdas mar Sin thu

  • Gus clò Eadailteach a chur air pìos teacsa, cleachd [i][/i], m.e. chithear

    Tha seo [i]taghta![/i]

    mar Tha seo taghta!

Ceann na duilleige

» Mar a dh’atharraicheas tu dath no meud an teacsa
Gus dath no meud do theacsa atharrachadh, faodaidh tu na tagaichean a leanas a chleachdadh. Thoir an aire nach bi a choltas co-ionnann a-rèir siostaman is brabhsairean àraidh nan daoine a sheallas air.
  • Gus dath an teacsa atharrachadh, cuairtich e le [color=][/color]. Feumaidh tu ainm dath aithnichte (m.e. red, blue, yellow, etc.) a shònrachadh no àireamh shia-dheicheach, m.e. #FFFFFF, #000000. Mar eisimpleir, gus teacsa dearg a chruthachadh, faodaidh tu :

    [color=red]Halò![/color]

    air neo

    [color=#FF0000]Halò![/color] a chleachdadh.

    Nochdaidh an dà chuid mar Halò!
  • Atharraichidh tu meud an teacsa air an dearbh dhòigh ach le [size=][/size]. Crochaidh an taga seo air stoidhle a’ bhùird-bhrath a thagh gach ball, ach mholamaid àireamh a riochdaicheas meud an teacsa mar cheudad, bho 20 (glè bheag) gu 200 (glè mhòr) a ghnàth. Mar eisimpleir, chithear

    [size=30]BEAG[/size]

    mar seo: BEAG

    an-còmhnaidh agus:

    [size=200]GLÈ MHÒR![/size]

    mar seo: GLÈ MHÒR!

Ceann na duilleige

» Am faod mi tagaichean fòrmataidh a chur ri chèile?
Faodaidh gu dearbh, mar eisimpleir ma bhios tu airson ’s gun doirear aire air rudeigin, ’s urrainn dhut na leanas a sgrìobhadh:

[size=200][color=red][b]SEALL ORMSA![/b][/color][/size]

is gheibhear SEALL ORMSA!

Cha mholamaid gun cuir thu mòran teacsa dhen seòrsa seo ris na postaichean agad co-dhiù! A bharrachd air seo, thoir an aire gur an agadsa a bhios uallach a dhèanamh cinnteach gum bi a h‑uile taga air a dhùnadh san dòigh cheart. Mar eisimpleir, chan eil na leanas mar bu chòir:

[b][u]Chan obraich seo[/b][/u]

Ceann na duilleige


Iomraidhean agus teacsa le leud socraichte

» A’ cur iomradh ri freagairt
Tha dà dhòigh ann gus iomradh a dhèanamh air teacsa, le às-earrann no às a h‑aonais.
  • Ma chleachdas tu an gnìomh “Iomradh” gus freagairt do phost air a’ bhùird-bhrath, bu chòir dhan teacsa a nochdadh am broinn na teachdaireachd a bhios tu a’ sgrìobhadh, ann am bloc [quote=""][/quote]. Leigidh an dòigh seo leat iomradh a dhèanamh le às-earrann do chuideigin no dad sam bith eile a bu mhiann leat! Mar eisimpleir, gus iomradh a dhèanamh air pìos teacsa aig fear Mac a’ Bhriathair, b’ urrainn dhut na leanas a chur ann:

    [quote=" Mac a’ Bhriathair "]Chithear an teacsa aig Mac a’ Bhriathair an-seo[/quote]

    agus cuiridh am bathar-bog " Sgrìobh Mac a’ Bhriathair:" os cionn an teacsa fhèin. Thoir an aire gum feum thu na comharran-labhairt "" a chur mun ainm, chan eil roghnadh is taghadh agad orra.
  • Leigidh an dòigh eile leat iomradh gun às-earrann a chur ris an teacsa agad. Cuir na tagaichean [quote][/quote] mun teacsa gus an dòigh seo a chleachdadh. Nuair a sheallas tu air an teacsa, chì thu gun do chuir thu a-steach earrann iomraidh gun duilgheadas sam bith.

Ceann na duilleige

» A’ sealltainn còd no teacsa le leud socraichte
Ma bhios tu airson pìos de chòd no dad sam bith eile a dh’fheumas leud socraichte a shealltainn, m.e. cruth-clò coltach ri Courier, bu chòir dhut an dà thaga [code][/code] a chur mun teacsa, m.e.

[code]echo "Seo còd air choireigin";[/code]

Glèidhear fòrmatadh sam bith a chleachdar eadar tagaichean [code][/code]. ’S urrainn dhut PHP syntax highlighting a chur ris le [code=php][/code] agus mholamaid gun dèan thu seo ma chuireas tu eisimpleir de chòd PHP ris na postaichean agad airson ’s gum bi an còd nas fhasa ri leughadh.

Ceann na duilleige


Liostaichean

» A’ cruthachadh liosta gun seòrsachadh
Leigidh BBCode leat dà sheorsa de liosta a chruthachadh, feadhainn gun seòrsachadh agus feadhainn le seòrsachadh. Tha iad co-ionnann ris an fheadhainn a tha ann an HTML. Nochdaidh gach nì air an liosta agad às dèidh a chèile ann an liosta gun seòrsachadh agus bidh peilear air beulaibh gach ball dhen liosta. Cleachd [list][/list] gus liosta gun seòrsachadh a chruthachadh agus sònraich gach ball dhen liosta le [*]. Mar eisimpleir, airson liosta dhe na dathan as fhearr leat a dhèanamh, ’s urrainn dhut:

[list]
[*]dearg
[*]uaine
[*]buidhe
[/list]

a chleachdadh. Gheibh thu liosta mar seo an uairsin:
  • dearg
  • uaine
  • buidhe

Ceann na duilleige

» A’ cruthachadh liosta le seòrsachadh
Leigidh liosta le seòrsachadh leat taghadh dè nochdas air beulaibh gach ball an liosta. Gus liosta le seòrsachadh a chruthachadh, cleachd [list=1][/list] airson liosta le àireamhan air neo [list=a][/list] airson liosta a-rèir na h‑aibidil. Mar a nì thu le liosta gun seòrsachadh, cuir [*] air beulaibh gach buill. Mar eisimpleir, an cois seo:

[list=1]
[*]Rach dha na bùithtean
[*]Ceannaich coimpiutair ùr
[*]Mallachd dha mur dèan e mar bu chòir
[/list]

gheibh thu na leanas:
  1. Rach dha na bùithtean
  2. Ceannaich coimpiutair ùr
  3. Mallachd dha mur dèan e mar bu chòir
Air an làimh eile, airson liosta a-rèir na h‑aibidil a dhèanamh, cuir na leanas:

[list=a]
[*]A’ chiad fhreagairt chomasach
[*]An dàrna freagairt chomasach
[*]An treas freagairt chomasach
[/list]

is gheibh thu
  1. A’ chiad fhreagairt chomasach
  2. An dàrna freagairt chomasach
  3. An treas freagairt chomasach

Ceann na duilleige


Ceanglaichean

» A’ cruthachadh ceangal gu làrach-lìn eile
Tha diofar dòighean aig BBCode phpBB gus URIaichean (Uniform Resource Indicators) a chruthachadh. ’S dòcha gu bheil thu eòlach orra mar URLaichean.
  • Cleachdaidh an dàrna dòigh dhiubh an taga [url=][/url]. Ge b’ e dè a sgrìobhas tu an dèidh an =, bidh giùlan URL air. Mar eisimpleir, gus ceangal gu phpBB.com a chur sa phost agad, b’ urrainn dhut:

    [url=https://www.phpbb.com/]Tadhail air phpBB![/url]

    a chleachdadh. Cruthaichidh seo an ceangal a leanas, Tadhail air phpBB! Thoir an aire gun dèid an ceangal seo fhosgladh san aon uinneag air neo ann an uinneag ùr a-rèir roghainnean a’ bhrabhsair aig gach cleachdaiche.
  • Ma tha thu airson an URL fhèin a shealltainn mar cheangal, cha leig thu leas ach:

    [url]https://www.phpbb.com/[/url] a chleachdadh.

    Cruthaichidh seo an ceangal a leanas, https://www.phpbb.com/
  • A bharrachd air sin, tha feart aig phpBB ris an canar Ceanglaichean draoidheach; nì seo ceangal de gach URL a bhios ceart a thaobh co-chàraidh. Cha leig thu leas taga sam bith a chur ris no fiù tòiseachadh le https://. Mar eisimpleir, ma sgrìobhas tu www.phpbb.com, nochdaidh e mar www.phpbb.com nuair a sheallar air a’ phost agad.
  • Tachraidh an aon rud le seòlaidhean puist-d. ’S urrainn dhut seòladh a shònrachadh a dh’aona-ghnothach co-dhiù. Mar eisimpleir, cruthaichidh:

    [email]duine.nach.eil.ann@arainn.seo[/email]

    na leanas: duine.nach.eil.ann@arainn.seo air neo foghnaidh e nuair a sgrìobhas tu duine.nach.eil.ann@arainn.seo san teachdaireachd agad agus nochdaidh e mar sin gu fèin-obrachail nuair a sheallas tu air a’ phost.
Mar a thachras leis a h‑uile taga BBCode eile, ’s urrainn dhut URL a chur mu thaga sam bith eile, [img][/img] (seall an ath earrann), [b][/b], amsaa. ’S ann ort fhèin a bhios an t‑uallach dèanamh cinnteach gum bi a h‑uile taga air fhosgladh agus a dhùnadh san òrdugh cheart, mar eisimpleir, ’s ann cearr a tha na leanas:

[url=https://www.google.com/][img]https://www.google.com/intl/en_ALL/images/logo.gif[/url][/img]

agus math dh’fhaoidte gun sguabar às dhan phost agad. Bi faiceallach leis ma-thà.

Ceann na duilleige


Dealbhan

» A’ cur dealbh ri post
Tha taga aig BBCode phpBB gus dealbhan a chur ris na postaichean agad. Thoir an aire air dà rud glè chudromach nuair a chleachdas tu an taga seo: air an dàrna làimh, chan eil a h‑uile duine toilichte le grunn dhealbhan san aon phost agus air an làimh eile feumaidh na dealbhan a tha thu airson sealltainn a bhith ri fhaighinn air an eadar-lìon mu thràth (m.e. chan fhoghainn gum bi iad air a’ choimpiutair agad fhèin mur eil frithealaiche-lìn agad). Gus dealbh a shealltainn, feumaidh tu URL a chur mun dealbh leis an dà thaga [img][/img]. Mar eisimpleir:

[img]https://www.google.com/intl/en_ALL/images/logo.gif[/img]

Mar a thuirt sinn san roinn mu URLaichean gu h‑àrd, faodaidh tu an taga [url][/url] a chur mun dealbh ma thogras tu, m.e. nochdaidh

[url=https://www.google.com/][img]https://www.google.com/intl/en_ALL/images/logo.gif[/img][/url]

dealbh a tha na cheangal:

Ceann na duilleige

» A’ cur ceanglachan ri post
Faodaidh tu ceanglachain a shuidheachadh ann an àite sam bith ann am post. Cleachd am BBCode ùr [attachment=][/attachment] air an son. ’S urrainn dhut seo a dhèanamh ma bhios feart nan ceanglachan air agus ma thug rianaire a’ bhùird-bhrath cead dhut ceanglachain a chruthachadh. Nuair a’ bhios tu a’ sgrìobhadh post, chì thu bogsa teàrnaidh (air neo putan) gus ceanglachain a chur ris a’ phost agad am broinn na loidhne.

Ceann na duilleige


Cuspairean eile

» Am faod mi na tagaichean agam fhèin a chruthachadh?
Ma tha thu nad rianaire air a’ bhòrd-bhrath seo agus ma tha cead iomchaidh agad, ’s urrainn dhut BBCode ùr a chruthachadh ann an roinn nam BBCode gàthaichte.

Ceann na duilleige



Gearr leum gu:  


 

Hamburg Wahrsagen
Hilfe bei Liebeskummer


hamburg-kartenleger.de



 

Hamburg Kartenlegen

lenormando.de



 


Hamburg Wahrsagen Privat




Karlsruhe |  Hamburg |  Münster |  Wuppertal |  Augsburg |  Mönchengladbach |  Leverkusen |  Trier |  Bielefeld | 
Hannover |  Stuttgart |  Würzburg |  Gelsenkirchen |  Bochum |  Solingen |  Kiel |  Dortmund |  Frankfurt
Osnabrück |  Düsseldorf |  Koblenz |  Nürnberg |  Wolfsburg |  Duisburg |  Köln |  Aachen |  Bremen



 

hamburg-3.de |  Mean-Fhiosrachadh  |  Fios  |  cànanan eile | 



Powered by phpBB® Forum Software © phpBB Group
Eadar-theangachadh le Akerbeltz is GunChleoc